An eala bhàn
Dòmhnall Ruadh ChorùnaOriginale | Traduzione italiana di Cattia Salto in Terre Celtiche |
AN EALA BHÀN Gur duilich leam mar tha mi 'S mo chridhe 'n sàs aig bròn Bhon an uair a dh'fhàg mi Beanntan àrd a' cheò Gleanntannan a'mhànrain Nan loch, nam bàgh 's nan sròm 'S an eala bhàn tha tàmh ann Gach latha air 'm bheil mi 'n tòir. A Mhagaidh na bi tùrsach A rùin, ged gheibhinn bàs- Cò am fear am measg an t-sluaigh A mhaireas buan gu bràth? Chan eil sinn uile ach air chuairt Mar dhìthein buaile fàs Bheir siantannan na blianna sios 'S nach tog a' ghrian an àird. Tha 'n talamh leir mun cuairt dhìom 'Na mheallan suas 's na neòil; Aig na 'shells a' bualadh - Cha leir dhomh bhuam le ceò: Gun chlaisneachd aig mo chluasan Le fuaim a' ghunna mhòir; Ach ged tha 'n uair seo cruaidh orm Tha mo smuaintean air NicLeòid. Air m' uilinn anns na truinnsichean Tha m' inntinn ort, a ghràidh; Nam chadal bidh mi a' bruadar ort Cha dualach dhomh bhith slàn; Tha m' aigne air a lionadh Le cianalas cho làn 'S a'ghruag a dh'fhàs cho ruadh orm A nis air thuar bhith bàn. Ach ma thig an t-àm Is anns an Fhraing gu faigh mi bàs 'S san uaigh gun tèid mo shìneadh Far eil na mìltean chàch, Mo bheannachd leis a' ghruagaich, A' chaileag uasal bhbànn - Gach là a dh'fhalbh gun uallach dhi, Gun nàire gruaidh na dhàil. Oidhche mhath leat fhèin, a rùin Nad leabaidh chùbhraidh bhlàth; Cadal sàmhach air a chùl Do dhùsgadh sunndach slàn. Tha mise 'n seo 's an truinnsidh fhuar 'S nam chluasan fuaim bhàis Gun duil ri faighinn às le buaidh - Tha 'n cuan cho buan ri shnàmh. | IL CIGNO BIANCO Mi sento triste con il cuore pieno di dolore da quando ho lasciato le alte montagne nebbiose, le valli delle giovani donne, i laghi, le baie e le insenature il cigno bianco che dimora sulle loro acque dai miei pensieri quotidiani inseguito. Sono qui in questo deserto colpito sul campo di battaglia, il nemico mi ha ferito gravemente con una scheggia dolorosa al mio fianco. Il mio udito è assordato dal rombo dell’artiglieria; ma anche se questa volta è dura per me, i miei pensieri vanno alla ragazza MacLeod. O Maria, non essere triste Amore, anche se dovessi morire chi tra gli uomini dura in eterno? Siamo qui solo di passaggio come i fiori in un pascolo abbandonato che il vento e la pioggia dell’anno faranno cadere e il sole non risolleverà. Ma se è il mio destino di uscire vivo dalla Francia per vedere il luogo in cui sono cresciuto, tu ed io ci stringeremo le mani e le nostre calde labbra si baceranno, e la mia promessa a te si adempirà con un anello d’oro al tuo dito. |