Lingua   

Iain MacPhaidein: Oidhche mhath leibh

GLI EXTRA DELLE CCG / AWS EXTRAS / LES EXTRAS DES CCG




Soraidh leibh is oidhche mhath leibh,
Oidhche mhath leibh, beannachd leibh;
Guidheam slàinte ghnàth bhith mar ribh,
Oidhche mhath leibh, beannachd leibh.

Chan eil inneal-ciùil a ghleusar
Dhùisgeas smuain mo chlèibh gu aoibh,
Mar nì duan o bheòil nan caileag;
Oidhche mhath leibh, beannachd leibh.

'S guth gum chridhe, pong nan òran,
Caidir sòlais, òigridh seinn;
Aiteal ciùin air làithean m' òige,
Sonas a bhith 'n còmhnaidh leibh.

Màthair uisg' an tobair fhìoruisg',
Cainnt ar sinnsir, brìgh na loinn;
'S faochadh tlàth o ànradh m' inntinn,
Nuair bheir rann na glinn am chuimhn'.

Grian cha laigh a-nochd air mìltean
Leis am binn a fuinn 's a roinn,
'S dom bi 'n sgeul na mhòr thoil-inntinn,
Dh'innseas dhaibh gu robh sinn cruinn.

Astar cuain cha dèan ar sgaradh,
Dùrachd dàimh am bannaibh toinnt';
Glèidh an àgh a dh'fhàg a' bheannachd;
Oidhche mhath leibh, beannachd leibh.

Thuit ar crann air saoghal carach,
Coma siud, tha mhaitheas leinn;
Bidh sinn beò an dòchas ro-mhath;
Oidhche mhath leibh, beannachd leibh.



Pagina principale CCG

Segnalate eventuali errori nei testi o nei commenti a antiwarsongs@gmail.com




hosted by inventati.org