Language   

Òran do dh’Iain Dòmhnallach

Mary Ann Kennedy
Language: Gaelic


Mary Ann Kennedy


Thàinig naigheachd don dùthaich
Dh’ùraich mulad as ùr dhuinn, is bròn,
Nach bu mhaireann am flùran
A bha measail is cliùiteach na dhòigh;
Leam is duilich ri innse 
Thu bhi d’ chàradh glè ìosal fon fhòd,
Fad o d’ chairdean ’s o d’ dhìlsean,
’S fad on dachaidh ’s on tìr thug dhuit lòn.

Tha do phàrantan lèirte,
’S beag an t-ioghnadh an ceum a bhi mall,
On is fìrinn an sgeula
Gun do spìonadh a’ gheug às a bonn;
Thàinig saighead bhon nàmhaid,
Chuir a daithean gu làr thu ’s b’ e ’n call;
’S iomadh òganach sàr-mhaith
Chaidh an lath ’ud gu bàs a’s an Fhraing.

Tha do pheathraichean brònach,
’S tha do bhràithrean fo leòn ’s thu gan dìth,
’S tu gun dèanadh an comhnàdh,
Bha thu tuigseach is eòlach ’s gach gnìomh;
’Nuair a ghlaoidhte thar chàich riut 
Air an raon latha bhlàir ann an strì,
’S tu gun seasadh an làrach 
Eadar sinne san nàmhaid gar dìon.

 Bu tu fhèin an duin’ uasal:
B’ e sin teisteas an t-sluaigh ort gu lèir;
Bha thu faic’leach a d’ ghluasad
Agus measarra, stuama da-rèir;
Bha thu smioral mar shaighdear
Agus iriosal caoimhneil am beus;
’S mise dh’fhaodadh a ghràitinn,
Gura fìrinn tha ’m dhàn, ’s nach e breug.

’S iomadh cliù tha ri inns’ ort
Nach bi mise cur sìos ann am dhàn;
On a dh’fhalbh is nach till thu,
Dh’fhàg thu chridheachan ìosal aig pàirt;
Ach, cliù don Tì chaidh a cheusadh,
’S e choisinn dhuinne rèite le bhàs,
Gun do shaor E dha fhèin thu
Le chorp naomh thoirt mar èirig nad àit.

’S iomadh aon a tha duilich
Bhon a chual iad mu bhuille do bhàis,
’S gun do chrìochnaich do thuras
Nuair a thuit thu le tubaist sa bhlàr;
Seo ’n cogadh thug cìs dhinn,
Ged is fheudar bhi strìochdte nar càs;
Tha ar beatha neo-chinnteach,
Air a coimeas san fhìrinn ri sgàil.



Main Page

Please report any error in lyrics or commentaries to antiwarsongs@gmail.com

Note for non-Italian users: Sorry, though the interface of this website is translated into English, most commentaries and biographies are in Italian and/or in other languages like French, German, Spanish, Russian etc.




hosted by inventati.org