Language   

Na Gaidheil am Basra

Norman McArthur
Language: Gaelic




Chunna mise a-raoir
Na balaich againn fhìn
An teas marbhtach na grèin’
B’ ann air a’ mhàirds’ a bha na seòid
Am fàsach fada thall

Oh seinn, seinn
Phìobair’ an aona-phuirt
Tog ort do phìob

Chan eil cail ùr fon ghrèin
Mort, fuath agus bàs
An ainm nar n-uachdaran fhèin
‘S ann mar seo a bha e a-riamh
An cogadh no sìth
Nar tràillean do dh’iompaireachd chèin

Oh seinn, seinn
Phìobair’ an aona-phuirt
Tog ort do phìob

Is lìonmhor na laoich
A chaidh romhpa gu blàr
Cràth is cruadal nan dàn
‘S nuair a sheinneas a’ Phìob
An cois fuaim a’ bhlàir mhòir
Mar pheilear thèid iad an sàs
Is leanaidh iad dlùth
Rin sinnsir ‘s an cliù
‘S thèid an spadadh ‘s an reubadh air an raon

Balaich thapaidh threun
An cuid armachd nan làimh
A’ dol a dh’ ionnsaigh buaidh no bàs
Ach am faclan Dhòmhnaill Ruaidh*
Gum bi buaidh leis na seòid
‘S gun till iad sàbhailte slàn

Oh seinn, seinn
Phìobair’ an aona-phuirt
Seinn an aon phort a-rithist

*Dòmhnall Ruadh Choruna – Na Camshronaich san Fhraing



Main Page

Please report any error in lyrics or commentaries to antiwarsongs@gmail.com

Note for non-Italian users: Sorry, though the interface of this website is translated into English, most commentaries and biographies are in Italian and/or in other languages like French, German, Spanish, Russian etc.




hosted by inventati.org